Valencia (provincia)

València
Vlag ontbreekt.svg Escut de la Província de València.svg
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula
Valencia in Spain.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Flag of the Valencian Community (2x3).svg València
Prìomh-bhaile Escudo de Alicante corona abierta.svg València
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 10,806 km²
Àireamh-shluaigh 2,578,719 (2014)
Dlùths 238.64/km²
Àireamh fòn + (96)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an València ( IPA: vaˈlensia, Spàinntis: Valencia). Tha e na laighe ann an Co-chomann València, air an àirde an ear na dùthcha. 'S e Castelló de la Plana a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. [1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. [2] Sìnidh València fad 10,806km² [3] agus tha 2,578,719 duine a' fuireach ann. [4] Le sin, 's e an 20mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cuenca, Castelló, Teruel, agus Alacant. [5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Valentia Edetanorum, ( IPA: waˈlentia, Gàidhlig: Gaisge) ann an Laideann a th' ann an t-ainm air sàilleabh gun tug an sgìre gu seann shaighdearan arm nan Ròmanach anns an dàrna linn. [6] Chleachdadh an t-ainm بلنسية‎ (Balansiyya) airson na sgìre [7] air fad agus مدينة التراب (Medina at-Turab) airson a’ bhaile ann an Arabais ro 1245 – ‘s e an abhainn Turia a shruthas tron bhaile fhèin. Chaidh fuaimneachadh an ainm atharrachadh fad na linn gu nàdarra gu baˈlenθja ann an Spàinntis – ged a thathar ga fhuaimneachadh ann an dòigh gu math dlùth air Laideann ann an Catalanais: w → b agus t → s. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Other Languages
беларуская (тарашкевіца)‎: Валенсія (правінцыя)
客家語/Hak-kâ-ngî: Valencia-sén
Bahasa Indonesia: Provinsi Valencia
한국어: 발렌시아 주
Lëtzebuergesch: Provënz Valencia
لۊری شومالی: ڤالئنسیا (آستوٙن)
Bahasa Melayu: Wilayah Valencia
norsk nynorsk: Provinsen Valencia
davvisámegiella: Valencia eanangoddi
Kiswahili: Mkoa wa Valencia
oʻzbekcha/ўзбекча: Valencia (provinsiya)
Tiếng Việt: Valencia (tỉnh)
Bân-lâm-gú: Valencia Séng