Na h-Eileanan Balèarach

Illes Balears
Flag of the Balearic Islands.svgCoat of Arms of Balearic Islands.svg
Bratach na RoinneGearradh-arm
no Seula
Islas Baleares - Mapa municipal.svg
ConsolatdeMar2.jpg
Suidheachadh
DùthaichAn Spàinn
Prìomh-bhailePalma de Mallorca
Stèidhichte1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd4,992 km²
Àireamh-shluaigh1,106,049 (2014)
Dlùths221.56/km²
Àireamh fòn+ (971)
Duilleag oifigeilRiaghaltas na Roinne
Majorca, Minorca, Ibiza is Formentera
Port-mara ann am Menorca
Boireannaich a' dèanamh Sobrasadas

'S e bhuidhean de dh' eileanan a tha anns na h-Eileanan Balèarach[1], na h-Eileanan Balèaric[1] na h-Eileanan Balearic[2], neo Na h-Eileanan Bailearach (Catalanais: Illes Balears, IPA: iʎəz bələˈas, Spàinntis: Islas Baleares). Tha iad suidhichte mu cheud cilemeatair bho chladach na Spàinne anns a' Mhuir Mheadhanaich. Tha iad a' gabhail a-steach mu cheud 's gu leth eilean gu lèir. Tha iad sgapte thar 5,014 cilemeatair ceàrnagach, eadar 40° 05' 17" agus 38° 40' 27" tuath agus 1° 17' 23" an ear. Tha ceithir eileanan mòra ann: Mallorca (Mallorca sa Catalanais), Menorca (Menorca), Ibiza (Eivissa), agus Formentera. A-rèir cùnntas shluagh anns a' bhliadhna 2006 bha 1,001,062 duine a' fuireach anns na h-eileanan gu lèir. Tha 1,239 km a dh'fhaid ann an oirthir na h-eileanan le pailteas tràighean freagarrach airson snàmh. Tha spòrsan mara agus bàtaichean air màl ann cuideachd. Mar sin tha roinn na turasachd gu math làidir anns na h-Eileanan Balèarach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 13,27 millean neach turas a' tadhail orra, gu h-àraidh luchd turais às a' Ghearmailt (29,4 % neo 3,9 millean[3]). Tha ceàird ann mar obair-gloinne, fuaigheal, àirneis, neamhnaidean-brèige, bèin, caisbheart, seudan, iarann toinnte agus nithean fiodh. 'S e iasg agus maorach nam biadh traidiseanta, tha annlann shònraichte ann air feòil chaorach agus muice. Tha isbeanan ionadail ann ris an canar sobrasada agus longanzia. Tha na h-Eileanan Balèarach nan ceàrn na Spàinne agus 's e Palma de Mallorca prìomh-bhaile nan Eileanan Balèarach. Tha da chànan oifigeil ann: Spàinntis agus Catalanais. Tha Oilthigh nan Eileanan Balèaric ann am Palma de Mallorca. Tha ochd puirt gnìomhachas ann agus nas motha na 40 port airson spòrs. Tha trì puirt adhair ann: Palma de Mallorca, Máhon agus Ibiza. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh.

Na sgìrean as motha

Seo liosta de na sgìrean as motha a tha anns na h-Eileanan Balèarach:

Sgìre Ainm Spàinnteach Àireamh-shluaigh
(2007)
Eilean
Palma Palma de Mallorca 383.107 Mallorca
Calvià Calviá 47.934 Mallorca
Eivissa Ibiza 44.114 Ibiza
Manacor Manacor 37.963 Mallorca
Llucmajor Lluchmayor 33.222 Mallorca
Marratxí Marrachí 31.120 Mallorca
Maó Mahón 28.284 Menorca
Santa Eulària des Riu Santa Eulalia del Río 28.361 Ibiza
Inca Inca 28.306 Mallorca
Ciutadella Ciudadela 28.017 Minorca
Sant Josep de sa Talaia San José 20.136 Ibiza
Sant Antoni de Portmany San Antonio Abad 19.889 Ibiza
Felanitx Felanich 17.443 Mallorca
Alcúdia Alcudia 17.435 Mallorca
Pollença Pollensa 16.570 Mallorca
Sóller Sóller 13.194 Mallorca
Sa Pobla La Puebla 12.141 Mallorca
Son Servera Son Cervera 11.392 Mallorca
Santanyí Santañy 11.720 Mallorca
Capdepera Capdepera 10.885 Mallorca
Andratx Andraitx 10.939 Mallorca
Other Languages
aragonés: Islas Balears
العربية: جزر البليار
asturianu: Islles Baleares
azərbaycanca: Balear adaları
žemaitėška: Balearā
беларуская (тарашкевіца)‎: Балеарскія астравы
brezhoneg: Balearez
català: Illes Balears
corsu: Baleare
čeština: Baleáry
dolnoserbski: Baleary
Esperanto: Balearoj
español: Islas Baleares
eesti: Baleaarid
euskara: Balearrak
estremeñu: Islas Balearis
suomi: Baleaarit
français: Îles Baléares
Nordfriisk: Balearen
Frysk: Baleären
hrvatski: Baleari
hornjoserbsce: Baleary
Kreyòl ayisyen: Zile Baleares
Bahasa Indonesia: Kepulauan Balears
Interlingue: Baleares
Ido: Baleari
íslenska: Baleareyjar
italiano: Isole Baleari
къарачай-малкъар: Балеар айрымканла
kernowek: Ynysow Balearek
Lëtzebuergesch: Balearesch Inselen
Lingua Franca Nova: Isolas Balear
Limburgs: Baleare
Ligure: Isoe Baleari
lietuvių: Balearų salos
latviešu: Baleāru Salas
македонски: Балеарски Острови
Bahasa Melayu: Kepulauan Balear
Plattdüütsch: Balearen
Nedersaksies: Balejoarn
Nederlands: Balearen
norsk nynorsk: Balearane
norsk: Balearene
Kapampangan: Balearic Islands
polski: Baleary
Piemontèis: Ìsole Balear
português: Baleares
tarandíne: Isole Baleari
sicilianu: Ìsuli Baliari
davvisámegiella: Baleáraid eanangoddi
srpskohrvatski / српскохрватски: Baleari
Simple English: Balearic Islands
slovenčina: Baleáry
slovenščina: Balearski otoki
српски / srpski: Балеарска Острва
svenska: Balearerna
Tagalog: Baleares
Türkçe: Balear Adaları
oʻzbekcha/ўзбекча: Balear orollari
vèneto: Bałeari
Tiếng Việt: Quần đảo Baleares
West-Vlams: Baleoarn
მარგალური: ბალეარიშ კოკეფი
Bân-lâm-gú: Balear Kûn-tó