Mehmed III

Mehmed III
Sultan Mehmet III of the Ottoman Empire.jpg
sultan Impireachd nan Otomanach

15 dhen Fhaoilleach 1595 - 22 dhen Dùbhlachd 1603
Murad III - Ahmed I
Beatha
Breith Manisa, 26 dhen Chèitean 1566
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Bàs Istanbul, 22 dhen Dùbhlachd 1603
Teaghlach
Athair Murad III
Màthair Safiye Sultan
Cèile Handan Sultan
Halime Sultan
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Ioslam
Tughra of Mehmed III.JPG

B' e treas ceannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ( Gàidhlig: Impireachd nan Otomanach) a bh' ann am Mehmed III (tiotalan: Kayser-i Rûm - Cèasar an Roimhe - İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - Neach-glèidhidh an dà mhosg - Manisa 26 an Cèitean 1566 - Istanbul 22 an Dùbhlachd 1603). [1] B' e a' chiad mhac Mhurad III agus Safiye Sultan, à Albàinia a bh' ann. [2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1595 gus a chaochail e ann an 1603. Rugadh e nuair a bha a sheanair Süleyman I fhathast air an rìgh-chathair. Thoisich e a bhith na shultan is e a' chur a 19 bhràithrean gu bàs los gun seasadh iad na aghaidh. [3] Cha robh uidh aige air riaghladh na dùthcha leis gu robh e cho leisg leis a' chu agus b' e a mhàthair Safiye Sultan a dhèanadh an gnothach na àite. Le sin, cha b' urrainn dha còmhstri eadar a chuid mhinistearan a fhuasgladh. Bha an dùthaich ann an cogadh gu math cosgail fad 13 bliadhna an aghaidh na h-Ostaire fo na Habsburg gu ruige 1606. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an Transylvannia ach chaill iad ann an Wallachia an aghaidh Mihai Viteazul. [4] Cuideachd b' fheudar do Mhehmed III ar-a-mach a measg a chuid shaighdearan a chur sìos. Chaochail e gu math òg, aig 37 bliadhna a dh' aois, leis a' phlàigh no stròc. [5] Bha sianar mic aige, dithis dhuibh a bha nan sultain fhèin: Ahmed I agus Mustafa I. [6] Chan ann ach an t-ainm Arabais محمد (Muhammad) ann am foirm Turcais a th' ann Mehmed.

  • iomraidhean

Iomraidhean

  1. All About Turkey
  2. Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
  3. Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1
  4. Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7
  5. Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predexessors.
  6. Tezcan, Baki. Searchimg For Osman: A Reassessment Of The Deposition Of Ottoman Sultan Osman II (1618-1622)
Other Languages
Scots: Mehmed III
Afrikaans: Mehmet III
azərbaycanca: III Mehmed
беларуская: Мехмед III
български: Мехмед III
brezhoneg: Mehmet III
bosanski: Mehmed III
català: Mehmet III
čeština: Mehmed III.
dansk: Mehmet 3.
Deutsch: Mehmed III.
Zazaki: Mehmed III
Ελληνικά: Μωάμεθ Γ΄
English: Mehmed III
español: Mehmed III
eesti: Mehmet III
euskara: Mehmed III.a
فارسی: محمد سوم
suomi: Mehmed III
français: Mehmed III
हिन्दी: महमद तृतीय
hrvatski: Mehmed III.
Հայերեն: Մեհմեդ III
Bahasa Indonesia: Mehmed III
íslenska: Mehmed 3.
italiano: Mehmet III
日本語: メフメト3世
ქართული: მეჰმედ III
қазақша: III Мехмет
latviešu: Mehmeds III
македонски: Мехмед III
Bahasa Melayu: Mehmed III
Nederlands: Mehmet III
norsk: Mehmet III
polski: Mehmed III
پنجابی: محمد III
português: Mehmed III
русский: Мехмед III
srpskohrvatski / српскохрватски: Mehmed III
slovenčina: Mehmed III.
slovenščina: Mehmed III.
српски / srpski: Мехмед III
svenska: Mehmet III
Türkçe: III. Mehmed
українська: Мехмед III
oʻzbekcha/ўзбекча: Mahmud III
Tiếng Việt: Mehmed III
Bân-lâm-gú: Mehmed 3-sè