José Vicente Concha

José Vicente Concha
Jose Vicente Concha.jpg
Beatha
Breith Bogotá, 21 dhen Ghiblean 1867
Dùthaich   Coloimbia
Bàs An Ròimh, 8 dhen Dùbhlachd 1929
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat agus neach-lagha
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B e José Vicente Concha Ferreira ( Bogotá, 1867 - An Ròimh, 1929) fear- lagha agus neach-poileataigs agus eòlaiche-lagha à Coloimbia. [1] ‘S e ball a’ Phàirtidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1914 agus 1918. [2] [3] ‘S e mac José Vicente Concha Lobo (fear-poileataigs agus fear-teagaisg tòraidh, a steidhich an Oilthigh Pío Nono) agus Adolfa Ferreira a bh’ann.

‘S e fear- lagha agus riochdaire dioplòmasach a bh’ann, bha e na Riochdaire anns a’ Phàrlamaid ann an 1898 airson Bhogotá agus Ministear a’ Chogaidh ann an 1901. Chaidh e a dh’ainmeachadh tosgair dha na Stàitean Aonaichte ann an 1902. Shabaid e an aghaidhcòrdadh leis an dùthaich sin, oir bha esan dhen bheachd gur robh e gnothach ceàrr do Choloimbia agus le sin thill e chun na pàrlamaid aig deireadh an ann aon bhlaidhna. Sheas e mar thagraiche airson a’ chinneas ann an 1910, ach chaill e gu tagraiche a ‘ phàirtidh Unión Republicana Carlos E. Restrepo Restrepo anns a’ Chòmhdhail Nàiseanta. Ach mu dheireadh thall, is le taic bhon a’ Phàrtaidh Libearalach, le Rafael Uribe Uribe os a chionn, ghabh e an ceannas os làimhe airson an teirm eadar 1914 agus 1918, a’ cur ruaig air, Nicolás Esguerra. Chaochail e nuair a bha e na thosgair thall anns an Eadailt.

Seanadair na Dùthcha

Bha e na riochdair neo na sheanadair ann an caochladh teirm an Riaghaltas, is fhuair e deagh chliù airson an dòigh cho fosgarra is cho soilleir a mhìneachadh e na beachdan air an robh e dèidheil, agus air sgàth gu robh e uabhasach briathrach is impidheach. ‘S e a chuid òraidean a rinn e anns a’ Chòmhdhail ann an 1898 agus na tachartasan a dh’adhbharaich crìoch Riaghaltas an t-Seanalair Rafael Reyes a th’ann an fheadhainn na bu chliùtiche aige.

Thachair cùis gu math anabarrach nuair a bha esan os cionn an Riaghaltais. Ghiod seirbheiseach chatharra gu foilleil pàipearan air an robh " bannan Coloimbianach", airson am fiach mòr dhe 130 000 peso ann an òr, air an tugadh a-mach à Oifis a’ Chreidis Phoblach (Spàinntis: Oficina de Crédito Público) a bha fo stiùireadh Cordovez. Nuair an do deach an eucoir sin fhoillseachadh, b’ fheudar dha sealbhadairean nan bann, gan toirt air ais chun na poileis, is le sin chaill iad uile an cuid airgead an seilbh. Ceannaich iad na bonos gun fhiosta gur e cùis foille a bh’ann

Chuir caraidean nan ìobairteach anns a’ Chòmhdhail bile air dòigh, is iad ag iaraidh gum pàighadh an nàisean an t-airgead air dhìth air ais dha luchd-cheannaich nam bann. Bha iad dìreach air leughadh an teags agus an treas deasbad gus an lagh ùr sin ga sgrìobhadh anns an reachdas, nuair a mhìnich Cordovez dha Concha gur e fìor dhroch bhuaidh a rinneadh an co-dhùnadh air maoineachadh na dùthcha. Chaidh aig Concha air "am pròiseact maslach"(Spàinntis: El proyecto malhadado) a dhiùltadh la aon ghuth ann an ùine ghoirid agus mus do deach am bile a sgrìobhadh anns an reachdas.