Àireamh

’S e àireamh a ni mìneachadh air uimhir. Ma tha trì ùbhlan againn, tha am facal trì ag innse dhuinn na tha againn de dh’ ùbhlan. Nam biodh a cheithir againn, b’ e sin a h-aon air bharrachd air a trì agus b’ e chòig a h-aon air bharrachd air sin. ’S ann às an fheart shìmplidh seo a thàinig an cunntadh. Canar na h-àireamhan nàdarra ris na h-àireamhan as sìmplidh mar a tha seo, ach tha am bun-bheachd air a bhith a’ leudachadh anns a’ chiad dol-a-mach gus bloighean agus àireamhan àicheil a thoirt a-steach, agus nuair sin do dh’ àireamhan ìomhaigheach agus àireamhan co-fhillte. ’S a thuilleadh air sin tha àireamhan le seallaidhean nas àirde ann, mar eisimpleir na ceithirneanan agus na h-ochdòineanan ged nach eil iadsan cho feumail chionns gu bheil feartan cudromach de dh’ àireamhachd (.i. co-iomlaideachd agus co-thiomsachd) air an call.

Tha àireamhan air an sgrìobhadh le figearan. ’S ann bho Arabais a thàinig cumaidhean nam figearan againne bho thùs agus ’s e figearan Arabach a chanar riutha airson eadar-dhealachadh a dhèanamh bho fhigearan Ròmanach. Ach tha e cumanta àireamh a ràdh an àite figeir agus tha na briathran àireamhan Arabach agus àireamhan Ròmanach cumanta. Tha e cudromach eadar-sgaradh a dhèanamh nar n-inntinn eadar àireamh mar fhigear agus àireamh mar uimhir.

Nar cainnt làitheil, tha àireamhan air an cur gu feum cuideachd airson ainm a thoirt do rudan far a bheil tòrr mòr dhiubh a tha coltach ri chèile (me. àireamhan thaighean air sràid, àireamhan fòn, àireamhan cataloig). Tha seo a’ cur òrdugh nan àireamh ris na rudan sin ged nach fhaod an t-òrdugh a bhith follaiseach no iomlan no fiù ’s an dùil. Mas e an rùn an t-òrdugh a dhèanamh soilleir, tha riochd sònraichte aig àireamhan (1d, 2ra, 3mh, ..., msaa.) aig a bheil na h-àireamhan òrdail. ’S e na h-àireamhan àrdail an riochd roimhe (.i. 1, 2, 3, ..., msaa.).


Other Languages
Gaeilge: Uimhir
Scots: Nummer
Cymraeg: Rhif
Afrikaans: Getal
Alemannisch: Zahl
አማርኛ: ቁጥር
aragonés: Numero
Ænglisc: Rīm
العربية: عدد
ܐܪܡܝܐ: ܡܢܝܢܐ
অসমীয়া: সংখ্যা
asturianu: Númberu
Atikamekw: Akitasowin
azərbaycanca: Ədəd
башҡортса: Һан
Boarisch: Zoih
žemaitėška: Skaitlios
беларуская: Лік
беларуская (тарашкевіца)‎: Лік
български: Число
Bahasa Banjar: Wilangan
বাংলা: সংখ্যা
བོད་ཡིག: གྲངས་ཀ།
brezhoneg: Niver
bosanski: Broj
буряад: Тоо
català: Nombre
Choctaw: Hohltina
کوردی: ژمارە
čeština: Číslo
Чӑвашла: Хисеп
dansk: Tal
Deutsch: Zahl
डोटेली: अंका
Ελληνικά: Αριθμός
emiliàn e rumagnòl: Nómmer
English: Number
Esperanto: Nombro
español: Número
eesti: Arv
euskara: Zenbaki
فارسی: عدد
Fulfulde: Limle
suomi: Luku
Võro: Arv
føroyskt: Tal
français: Nombre
Nordfriisk: Taal
Frysk: Getal
贛語:
galego: Número
Avañe'ẽ: Papaha
עברית: מספר
हिन्दी: संख्या
hrvatski: Broj
Kreyòl ayisyen: Nonm
magyar: Szám
Հայերեն: Թիվ
interlingua: Numero
Bahasa Indonesia: Bilangan
Ilokano: Numero
Ido: Nombro
italiano: Numero
日本語:
Patois: Nomba
la .lojban.: namcu
ქართული: რიცხვი
Taqbaylit: Amḍan
қазақша: Сан
ಕನ್ನಡ: ಸಂಖ್ಯೆ
한국어: 수 (수학)
kurdî: Hejmar
Latina: Numerus
Lëtzebuergesch: Zuel
лакку: Аьдад
Lingua Franca Nova: Numero
Luganda: Ennamba
Limburgs: Getal
ລາວ: ຈຳນວນ
lietuvių: Skaičius
latviešu: Skaitlis
मैथिली: अंक
Malagasy: Isa
олык марий: Шотпал
македонски: Број
മലയാളം: സംഖ്യ
मराठी: संख्या
Bahasa Melayu: Nombor
Mirandés: Númaro
မြန်မာဘာသာ: ကိန်း
Nāhuatl: Tlapōhualli
Plattdüütsch: Tahl
नेपाली: अंक
नेपाल भाषा: ल्याः
Nederlands: Getal (wiskunde)
norsk nynorsk: Tal
norsk: Tall
Novial: Nombre
Nouormand: Neunmétho
Sesotho sa Leboa: Nomoro
occitan: Nombre
Ирон: Нымæц
ਪੰਜਾਬੀ: ਅੰਕ
Pangasinan: Numero
polski: Liczba
پنجابی: نمبر
پښتو: عدد
português: Número
Runa Simi: Yupay
română: Număr
armãneashti: Numiru
tarandíne: Numere
русский: Число
русиньскый: Чісло
संस्कृतम्: संख्याः
саха тыла: Ахсаан
sicilianu: Nùmmuru
Sängö: Nömörö
srpskohrvatski / српскохрватски: Broj
Simple English: Number
slovenščina: Število
chiShona: Nhamba
Soomaaliga: Tiro
shqip: Numri
српски / srpski: Број
Basa Sunda: Wilangan
svenska: Tal
Kiswahili: Namba
ślůnski: Nůmera
தமிழ்: எண்
ತುಳು: ಸಂಖ್ಯೆ
తెలుగు: సంఖ్య
тоҷикӣ: Адад
ไทย: จำนวน
ትግርኛ: ቁጽሪ
Türkmençe: San
Tagalog: Bilang
Türkçe: Sayı
Xitsonga: Nomboro
татарча/tatarça: Сан
українська: Число
اردو: عدد
oʻzbekcha/ўзбекча: Son
vèneto: Nùmaro
Tiếng Việt: Số
Winaray: Ihap
吴语:
хальмг: Тойг
isiXhosa: INANI
ייִדיש: צאל
Yorùbá: Nọ́mbà
中文:
文言:
Bân-lâm-gú: Sò͘-ba̍k
粵語: